August 31 | comments icon 0 COMMENTS     print icon print

8-GAELIC

Mathannas dhan Eaglais

“Tha sinn ag iarraidh mathannas airson an droch dhìol an Èirinn.” — By Andreas Wolff

‘Tha sinn ag iarraidh mathannas airson an droch dhìol an Èirinn.” Sin mar a thòisich am Pàp Prainnseas a’ bruidhinn air thoiseach air Aifhreann am Baile Atha Cliath Didòmhnaich. Dh’ainmich e gu sònraichte drabastachd a thachair le buill na h-Eaglaise a-measg rudan eile agus mar nach do ghabh an Eaglais na gnìomhan iomachaidh gus stad a chur air a leithid. Bha an sluagh a’ bualadh am basan. Thug e iomradh cuideachd air mar a chaidh clann a sgarradh bho am pàrantan agus gun deach a ràdh riutha gur e peacadh bàsmhor a bh’ ann gan lorg. Thuirt e nach robh sin fìor idir.

Bha e follaiseach gun tàinig na faclan seo, a bhruidhinn am Pàp sa chànan aige fhèin, Spàinnis, a’ tighinn bho a chrìdhe. Chualas bròn, nàire agus uamhas na ghuth. Sa mhadainn thadhail e air Cnoc Mhoire far an do nochd Muire Màthair, a-rèir choltais, ann an 1879. An sin dh’iarr e air an Eaglais gnìomhan làidir a chur an cèill gus stad a chur air a leithid a dhol a-mach.

Chuir seo crìoch air ­Coinneamh Theaghlaichean na Cruinne – tachartas a tha a’ ­gabhail àite a h-uile trì bliadhna. Bha iomadach rud inntinneach a’ dol an sin – nam measg bha panail air dìon chloinne. ­Bhruidhinn Marie Collins, a dh’fhulang drabastachd na ­h-òige, agus a dh’fhàg Coimisean a’ Phàip air Dìon Òigridh air sgàth is nach fhaca i gu leòr a dh’adhartais. Thuirt i gu bheil cus dhaoine san Eaglais fhathast a tha a’ dol as àicheadh nan trioblaidean seo. Chuir i ris gum bu chòir dha na sagartan a tha ciontach a thoirt gu lagh is nach bu chòir dhaibh dìreach an dreuchdan fhàgail.

Mar fhear naidheachd bha e inntinneach dhomh a chluinntinn nach robh e idir fìor gur e rud a bha seo a rinn na meadhanan suas gus cron a dhèanadh air an Eaglais Chaitligeach mar a bha cuid a’ cumail a-mach. Thuirt i gun robh daoine ag ràdh rithe fhèin gu bheil i dìreach airson cron a dhèanadh air an Eaglais. Bha triùir eile air a’ phanail sin, an t-Oll Gabriel Dy-Liacco às na Philippines nam measg. Is e lighiche-inntinn a th’ ann agus tha e air a bhith a’ toirt leigheas do dhaoine a dh’fhulang droch dhìol ann an làmhan na h-Eaglaise agus dhaibhsan a rinn an droch dhìol. Thuirt e nach b’ urrainn dha a bhith cinnteach gum bi a’ chlann aige sàbhailte san Eaglais.

Tha mi a’ tuigsinn gu bheil poileasaidhean làidir an sàs gus dìon a chur air chloinn ann an cuid a dhùthchanan. Ach chan eil iad a’ bualadh air an Eaglais gu lèir fhathast. Feumar cuimhneachadh cuideachd nach eil na poilis ag obair mar bu chòir ann am mòran dhùthchanan agus gu bheil barrachd earbsa aig daoine fhathast san Eaglais na tha sna poilis. Chuir am panail gairm a-mach dhan a h-uile Caitligeach a dhol an sàs ann an dìon chloinne sa pharaiste aca fhèin. Mar a thuirt iomadach òraidiche aig Coinneamh Theaghlaichean na Cruinne: Tha an teaghlach na chnàmh-droma dhen cho-chomann. Tha iad cudromach san Eaglais cuideachd. Ach feumaidh pàrantan Caitligeach a bhith cinnteach gu bheil an cuid cloinne sàbhailte innte.

 

Leave a Reply

latest features

Welcome to the occupation: the children forced to flee gunfire in the West Bank

November 2nd, 2018 | comments icon 0 COMMENTS

Edinburgh parishioner Philippa Bonella is spending three months in the...


Haven sent: one woman explains why she has visited dozens of ships with a Catholic charity

October 26th, 2018 | comments icon 0 COMMENTS

After 100 visits to ships in the north-east of Scotland,...


Food for thought: How Mary’s Meals is working with the Church to bring kids back into education

October 19th, 2018 | comments icon 0 COMMENTS

A diocesan worker in South Sudan tells Ryan Mcdougall how...


A bridge of Faith across continents

October 19th, 2018 | comments icon 0 COMMENTS

In the last of a three-part series, Missio Scotland’s GERARD...



Social media

Latest edition

P1-NOV-2-2018

exclusively in the paper

 

  • Scotland’s Catholic charities on how you can help them thrive after you’ve gone
  • Knights’ secularism warning in Order’s 99th year
  • Scottish MP’s criticised for voting to introduce abortion to N Ireland
  • Why spiritual gardens flourish as places of peace
  • The Church must listen more to the young, synod concludes

Previous editions

Previous editions of the Scottish Catholic Observer newspaper are only available to subscribed Members. To download previous editions of the paper, please subscribe.

note: registered members only.

Read the SCO